Mo chridhe trom air m' aineol
'S mi fad ò eilean an damh donn
'S ò thìr nan gleann 's nan gallan
O beir an t-soraidh seo nis bhuam
Thar chuain is chruaich is bheannaibh
A dh' ionnsaigh Muile nam beann fuar
O eilean uaine a' bharraich
Och a Rìgh nach mi bha thall
An tìr nan gleann 's nam bealach
Tìr nan craobh 's i tìr mo ghaoil
Nan lagan fraoich 's an rainneach
O sud na glinn 's am faighte aoigh
'S na roinn chum taobh na mara
'S tha luchd mo ghaoil an diugh mu sgaoil
'S an t-àite fo chaoraich Shasainn
Gur truagh a' Ghàidhlig bhi 'na càs
O 'n dh' fhalbh na Gàidheil a bh' againn
A ghineil òig tha tighinn 'nan àit'
O togaibh suas a bratach...



Awesome Irish music in a noysy Irish pub


